Obair-lannsa air a cur dheth anns na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad air an obair-lannsa air fad ris an robh dùil ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh san t-seachdain seo tighinn a chur dheth.
Thuirt iad gu bheil seo ri linn is mar a fhuair barrachd na 's àbhaist gannrachadh an dèidh lannsaireachd gun cheangal ri Covid.
Tha obair-lannsa sam bith a bha gu bhith ann eadar seo is an 20mh den t-Sultain a-nise air a cur dheth, fhad 's a thèid ceumanan smachdachaidh agus rannsachadh a chur an sàs.
Bheir seo buaidh air 34 obraichean-lannsa uile gu lèir.
Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad air fios a chur gu gach euslainteach air an toir seo buaidh agus gu bheil iad air leisgeul a thabhainn air a h-uile duine aca cuideachd.
Dh'innis iad nach toir an suidheachadh buaidh air obair-lannsa èiginneach no obraichean-lannsa beaga.