Dòchas air suas ri 4,000 cosnadh an Àird nan Saor

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh Àird nan SaorTùs an deilbh, Valenta/Geograph

Tha co-bhanntachd de chompanaidhean leasachaidh cumhachd na gaoithe a' gealltainn faisg air 4,000 cosnadh a chruthachadh ann an seann ghàrradh ola Àird nan Saor, an ear air Inbhir Nis.

Tha BW Ideol mar-thà an sàs ann an leasachadh cumhachd ath-nuadhachail agus tha iad fhèin agus Ùghdarras Phort Àird nan Saor a-nis air a dhol ann an co-bhanntachd 's iad am beachd clàran concrait seòlaidh a thogail airson tuathan-gaoithe aig muir.

Cheannaich Tony O'Sullivan agus Steve Regan, aig a bheil companaidh brisidh chlàran ola, Gàrradh Àird nan Saor nas tràithe am-bliadhna airson clàran a bhriseadh agus tuathan gaoithe a leasachadh.

Tha BW Ideol a-nis air tairgsean a chur a-steach airson cuairt leasachaidh thuathan gaoithe mara Scotwind, agus tha iad ag ràdh ma shoirbhicheas leotha gun cruthaich iad mu 4,000 cosnadh, faisg air na bha ag obair sa ghàrradh aig àirde gnìomhachas na h-ola.

Cuairt leasachaidh

'S e Àird nan Saor tè de na trì làraichean as fheàrr air costa sear Bhreatainn airson an obair mhòr a tha a dhìth airson leasachadh thuathan gaoithe aig muir.

Tha 450 acaire de thalamh air tìr agus 350 acaire aig muir fo smachd Ùghdarras a' Phuirt.

Thuirt a' cho-bhanntachd gun tèid tòiseachadh a' glanadh a' ghrunnd a-mach bhon ghàrradh an ath- mhìos agus gum bi am port fosgailte an ath-bhliadhna.

Tha e a-nis an urra ris am faigh a' cho-bhanntachd aon no barrachd de na 15 raointean leasachaidh a tha Oighreachd a' Chrùin ann an Alba a' toirt seachad bho chuairt leasachaidh Scotwind.