Dìth luchd-obrach cùraim sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Làmhan

Tha dìth luchd-obrach cùraim aig Comhairle nan Eilean Siar a' ciallachadh nach urrainn dhaibh an t-seirbheis a bu mhiann leotha a thoirt seachad.

Tha 38 dreuchdan san t-seirbheis chùraim shòisealta an-dràsta bàn.

Ged a tha piseach air a thighinn air an t-suidheachadh bho chionn ghoirid tha Cathraiche Coimhearsnachdan is Taigheadais na Comhairle, Kenny John MacLeòid, ag ràdh gu bheil cùisean fhathast doirbh dhaibh:

"Cha chanainn gu bheil cùisean aig oir na creige, ach chan eil cùisean furasda. Tha sin cho fìor sa ghabhas."

Beàrnan

Tha a' bheàrn san t-seirbheis gu sònraichte 'sa roinn far a bheilear a' coimhead as dèidh daoine nan dachaigh.

Dh'fhàs cùisean beagan nas fheàrr tron phandemic leis gun robh barrachd dhaoine aig an taigh le comas coimhead as dèidh buill teaghlaich ach le daoine a' tilleadh air ais a dh'obair tha buaidh nam beàrnan ga fhaireachdainn barrachd.

"Tha i (an t-seirbheis) seasmhach aig ìre ach chan eil an ìre sin cho math 's bu chòir dhith agus a dh'fheumadh i a bhith 'son tha fios againn gu bheil daoine a' feitheamh ri barrachd thaic fhaighinn agus cùram nan dachaighean fhèin agus chan urrainnear a chur a-mach ach a rèir nan daoine a tha 'sna dreuchdan againn," thuirt Mgr MacLeòid.

Turasadal

Tha a' chomhairle a-nis a' feuchainn ri barrachd dhaoine a tharraing a-steach dhan t-seirbheis ach tha sin a' toirt ùine.

Chan eil na dreuchdan sin, sa chumantas, cho furasta a lìonadh sa tha dreuchdan eile san t-seirbheis shlàinte agus ann an cùram chloinne far a bheil tuarasdal nas fheàrr.

Thuirt Mgr MacLeòid: "Feumaidh sinn coimhead a bheil dòigh ann as urrainn dhuinn an tuarasadal a tha sin àrdachadh."

"Chan e airgead a mhàin a tha a' tarraing dhaoine a-steach dhan t-seirbheis. Tha e a' toirt toileachas mòr do dhaoine a bhith a' coimhead agus a' toirt taic do dhaoine sna coimhearsnachdan aca fhèin agus tha sin fhèin gam putadh air adhart airson an obair a dhèanamh."

"Ach gun teagamh anns an t-saoghal anns a bheil sinn chan urrainn dha duine a bhith beò gun tuarastal ceart a bhith aca airson an obair agus tha feadhainn a' faicinn gu bheil iad a' tuiteam air ais air a sin an taca ri àiteachan eile agus tha fios againn gu bheil prìsean a h-uile càil a th' ann a fàs nas daoire aig an ìre-sa agus gu h-àraid 'sna làithean agus 'sna seachdainnean a chaidh seachad agus g' eil iad ag ràdh gur ann nas miosa a tha cùisean gu bhith."

Buidseat

Tha buidseat a' bhùird amalaichte, Cùram is Slàinte nan Eilean Siar (an IJB), corr is £2m thairis air a' bhuidseat agus chaidh cùl-stòr ionmhasail a chleachdadh am bliadhna-sa.

Le sin tha beàrn mhòr sa bhuidseat airson na h-ath bhliadhna agus feumar dòighean a lorg na cosgaisean a ghearradh air ais.

Thuirt Mgr MacLeòid nach robh e a' coimhead coltach gu robh an riaghaltas a' dol a thoirt airgead a bharrachd seachad agus le sin gum feumar am buidseat a chothromachadh ann an dòigh eile.