Taic ga tharraing bho sgeama nan geadh glasa
- Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais Nature Scot a' dol a chur stad air an taic ionmhais airson a bhith a' cumail smachd air an àireamh de gheòidh ghlasa a tha sna h-eileanan.
Chàin Aonadh nan Tuathanach ann an Alba an co-dhunadh, ge-ta.
Thuirt an t-aonadh nach b' e seo an t-àm cur às dhan phrògram agus na h-àireamhan de na geòidh ghlasa fhathast a' dol am meud ann an grunn eileanan agus fhathast a' toirt buaidh air tuathanachasan agus obair chroitearachd.
Thuirt an ceann-suidhe, Màrtainn Ceannadach: "Chan e seo an t-àm do NatureScot an taic a stad."
"Tha làn fhios againn nach robh dùil gum maireadh na sgeamaichean poidhleit ach airson ùine ghoirid."
"Ach, dhearbh na sgeamaichean poidhleit gum b' urrainn do thuathanaich agus croitearan smachd a chumail air àireamh nan gèadh glasa ann an dòigh nach robh a' dèanamh cron air glèidhteachas le a bhith a' dèiligeadh ri na h-eòin aig ìre thràth, agus le taic-airgid 's oidhirp co-òrdanaichte."
Thuirt Mgr Ceannadach gu robh Uibhist, Tiriodh, Colla, Leòdhas agus na Hearadh air adhartas a dhèanamh a dh'ionnsaigh nan targaidean aca ach nach d'fhuair an sgeama poidhleit ann an Arcaibh ach air stad a chur air an àireamh de gheòidh ghlasa bho a bhith a' leudachadh.
"Chan eil e idir iomchaidh do NatureScot taic ionmhais agus practaigeach a tharraing agus a bhith a' sùileachadh gun lean na sgeamaichean poidhleit leis an airgead a tha iad a' cruthachadh iad fhèin a mhàin.
Thuirt NatureScot gun lean iad orra a' toirt taic dhan obair gus smachd a chumail air na geòidh le a bhith a' toirt còmhairle seachad.