Bothan bhios aig...?
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Eige an dòchas eileanach ùr làn-ùine a thàladh, le bhith a' reic bothain bhig le aon seòmar mar dhachaigh.
Tha mu 100 duine a' fuireach san eilean, 's tha Urras Dualchas Eige, a' bhuidheann coimhearsnachd leis a bheil Eige, ag iarraidh £65,000 airson seann bhothain chìobair ann an Sannda Mhòr.
Tha balla ìosal a' roinn an aon sheòmair a tha sa bhothan, 's tha an taigh-beag a-muigh.
Tha stòbha fiodha ann airson còcaireachd agus teas, 's tha 1/4 acaire de dh'fhearann leis.
Thuirt an t-Urras gu bheil am bothan, a bha roimhe air a chleachdadh airson saor-làithean, feumach air obair mhòir.
Chan ann do dhuine sam bith a tha seo ge-tà, agus an t-Urras ag ràdh gur e a tha a dhìth orra ach cuideigin a dh'fhuiricheadh ann làn-ùine, 's a chuireas ri beatha na coimhearsnachd, 's gur dòcha nach gabh iad ris an tairgse as àirde.
Rinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba moladh air na tha an t-Urras a' dèanamh, 's thuirt iad gun robh barrachd den leithid a dhìth an Alba.