Tagradh banachdaich bho NHS nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Banachdach

Rinn Bòrd Slàinte nan Eilean Siar tagradh poblach do dhaoine innse mura h-eil e comasach dhaibh a dhol gu clionaig banachdaich nuair a tha àm air a chur air dòigh dhaibh.

Dh'innis am bòrd gun robh clionaigean aca gus banachdach a flu a thoirt seachad ann an Leòdhas air an deireadh-sheachdain is gun robh an àireamh a nochd na "bhristeadh-dùil" dhaibh.

Thuirt iad cuideachd nach do dh'innis a' mhòr-chuid de dhaoine nach do nochd ro-làimh nach biodh iad an làthair.

Tha am bòrd ag ràdh gun deach ùine an luchd-obrach a chaitheamh gun adhbhar is gun do chaill feadhainn a bhiodh air tighinn cothrom air a' bhanachdaich.

Thuirt iad gu bheil e fìor chudromach gun nochd daoine le àm airson banachdaich de sheòrsa sam bith - a' toirt a-steach Covid-19 no flu - is mura a h-eil e comasach dhaibh a dhol ann innse cho tràth 's a ghabhas.

Tha iad ag ràdh gu bheil seo a' toirt dhaibh cothrom a' bhanachdach a thabhainn air cuideigin eile.

Dh'innis am bòrd gum b'fheàrr leotha fios fhaighinn fiù 's ma dh'fheumas cuideigin tarraing a-mach aig a' mhionaid mu dheireadh.