Clàr-ama ChalMac ga chàineadh

  • Air fhoillseachadh
Bàta-aiseig

Tha muinntir na Hearadh a' gearain mu mholaidhean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn airson clàr-ama an t-samhraidh eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch na Madadh.

Fon chlàr-ama a mhol CalMac cha bhiodh ach an aon seòladh às na Hearadh dhan Eilean Sgitheanach air Disathairne.

Cha bhiodh ach aon seòladh à Loch nam Madadh a dh'Ùige air Didòmhnaich agus ghluaiseadh an t-seirbheis à Ùige gu Loch na Madadh oidhche Haoine gu tràth madainn Dhisathairne.

Thuirt Buidheann Turasachd Innse Gall gur e molaidhean gun chiall a bha seo agus Fòram na Hearadh gun dèan iad sgrios air eaconomaidh an eilein.

Mì-chiallach

"Tha e dìreach cho mì-chiallach", thuirt Coinneach MacLeòid bho Fhòram na Hearadh.

"Tha eaconomaidh na Hearadh gu math ceangailte ri turasachd. Bho chionn bhliadhnaichean tha duilgheadasan air a bhith aig luchd-turais faighinn air falbh leis an dà sheòladh.

"Tha uimhir a dh'àitichean fuirich ann agus chan fhaigh a h-uile duine air falbh madainn Dhisathairne airson rùm a dhèanamh dhan fheadhainn a tha a' tighinn a-staigh.

"Tha mu thràth a' chuid as motha dhe na àiteachan fuirich làn airson fad an t-samhraidh an ath-bhliadhna", thuirt Mgr MacLeòid.

"Fhuair sinne fios bho chionn seachdain air ais ag ràdh seo tha sinn a' smaointinn air a' chlàr-ama agus dè ar beachdan.

"Chan eil an sin ach seachdain agus airson coimhearsnachdan coimhead air rudan mar sin - chan eil cus tìde ann. Ach chunnaic sinne sa bhad cho dona 's a bha e agus na gearraidhean a tha sin, chan eil iad a' dèanamh ciall sam bith dhuinne.

"Nam biodh iad air innse dhuinn carson a bha iad a' beachdachadh air an seo, 's dòcha gum biodh barrachd tuigse againn", thuirt e.

Call

"Tha uimhir a mhilleadh air a bhith againn mu thràth air a' bhliadhna-sa air na seirbheisean againn nuair a bha rudan dheth, is bha sinn a' call a' bhàt'-aiseig againn", thuirt Mgr MacLeòid.

Tha Cal Mac air a ràdh nach eil an seo ach molaidhean aig an ìre sa agus gu bheil iad a' cur fàilte air beachdan sam bith bhon choimhearsnachd.

Feumar na beachdan sin a chur thuca ro dheireadh an là Diardaoin.

"Tha mi an-dòchas gun atharraich iad na cùisean agus gun tig e air ais mar a bha e, oir cha robh iarrtas sam bith anns na coimhearsnachdan airson atharrachadh sam bith", thuirt Coinneach MacLeòid.

"Tha a h-uile coimhearsnachd a th' ann a' feuchainn ri tuilleadh sheòlaidhean fhaighinn chan e nas lugha.

"Tha sinne a' feuchainn ri bàt'-aiseig dhuinn fhìn a bhith againn eadar an Tairbeart agus Ùige agus tè eile a bhith againn eadar Loch na Madadh agus Ùige fad an t-samhraidh le cho trang sa tha an dà sheirbheis sin.

"Tha iad ann a sheo a' tighinn an àirde le plana airson an t-samhraidh nuair a tha an t-àite cho trang sa ghabhas e a bhith, a' dèanamh gearradh air an dà àite - chan eil ciall no reusan sam bith ann", thuirt Mgr MacLeòid.