"Ar Tìr, ar Teachd" aig COP26

  • Air fhoillseachadh
Talamh

Coimheadaidh tachartas aig COP26 Diardaoin air cho cudromach 's a tha fearann ann an làmhan na coimhearsnachd airson na h-àrainneachd.

Bidh an tachartas - 'Dùthchas -Ar Tìr, Ar Teachd' - a' coimhead ris a' cheangal eadar coimhearsnachdan, fearann, cultar agus an àrainneachd le luchd-labhart bho air feadh an t-saoghail a' toirt beachd.

A' bruidhinn aig an tachartas tha tè-ealain òg à Leòdhas, Fiona Rennie.

"Tha mise gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn ceangal ri talamh, an ceangal aig muinntir dùthchasach ris an talamh aca fhèin agus mar a tha tuigse air cànan agus sgeulachdan agus air an talamh fhèin a toirt làmh an uachdair dhuinn cha-mhòr air a bhith a' tuigsinn mu dheidhinn na coimhearsnachd", thuirt Ms Rennie.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil an teachdaireachd seo gu math cudromach dhan chuspair aig COP uile gu lèir, chan ann direach co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde, ged a 's e sin pìos mòr dhe na bhios sinn a' bruidhinn mu dheidhinn.

Coimhearsnachdan

"Ach tha mi a' smaointinn gu bheil ceangal làidir eadar na 's urrainn fearann coimhearsnachd a dhèanamh agus dha daoine às an àite fhèin, daoine dùthchasach dh'fhaodadh tu a ràdh, an ceangal a th' acasan ris an talamh agus an tuigse a th' aca ri fearann agus ri talamh. Na rudan beaga as urrainn dhuinn a dhèanamh mar choimhearsnachd mar phàirt dhen an dealbh mhòr.

"Tha mi an-dòchas gun tig rud math bho ChOP26. Tha mi a' smaointinn gur e cothrom air leth a th' ann na cuspairean beaga fo ar sùilean sa, mar fearann coimhearsnachd, a thoirt gu àrd-ùrlar mòr. Cuideachd sgeulachdan bho àitean beaga iomallach a bhith air àrd-ùrlar chruinneil.

"Chan ann dìreach a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde ach gu bheil guthan daoine dùthchasach air an cluinntin air feadh an t-saoghail," thuirt i.

"'S e lèirsinn àlainn a th' aca - saoghal far a bheil coimhearsnachdan bho stiùir mhuinntir dùthchasail nam pàirt de shaoghal nàdarra làn ghoireasan air an spionnadh le sgeulachdan a tha air maireachdainn.

"Tha sin a' toirt blas air na tha am buidheann sin a' dèanamh agus mar a tha e a' freagairt air a h-uile duine againn ged a bhiodh tu san Amazon no ann an t-àite beag mar Leòdhas.

Tha an tachartas a' gabhail àite eadar 4-6f agus gheibhear ceangal beò thuige tron an làrach-lìn seo.