hTaic le Gàidhlig do phròiseact a' Chaisteil

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Thinkstock

Fhuair High Life Highland £5,000 airson luchd-comhairleachaidh air Gàidhlig is cultar fhastadh airson pròiseact ath-nuadhachaidh Chaisteil Inbhir Nis.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun robh iad air an taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig an t-seachdain-sa mar phàirt den phròiseact aca 'Spiorad na Gàidhealtachd' aig Caisteal Inbhir Nis.

Thig atharrachadh mòr air a' chaisteal airson luchd-turais is eile a tharraing thuige.

Bheir an luchd-comhairleachaidh seachad beachdan air mar a ghabhas cànan agus cultar na Gàidhlig a bhith air an cleachdadh.

Leasachadh

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Ionmhais aig Bòrd na Gàidhlig:

"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' faicinn a' chànain agus a' chultair a' faighinn àite, mar a bu chòir, san leasachadh chudromach seo."

Thuirt Probhaist Inbhir Nis agus co-chathraiche air a' phròiseact, Helen Carmichael, gun robh i toilichte gun cuidicheadh an taic seo bho Bhòrd na Gàidhlig le bhith a' brosnachadh na Gàidhlig sa sgìre.

"'S e prìomh phròiseact a tha seo a chruthaicheas fìor àite sònraichte do luchd-turais agus tha sinn ag amas ri bhith a' cur ri ìomhaigh na Gàidhlig airson grunn bhliadhnaichean ri thighinn," thuirt i.

Tha £15m de thaic airson pròiseact ath-leasachaidh a' chaisteil a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba le £3m a' tighinn bho Riaghaltas Bhreatainn tro Aonta Baile Inbhir Nis 's na Gàidhealtachd.