Rabhadh mu Chovid
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine a bhith faiceallach is ìrean àrda de Chovid-19 anns a' choimhearsnachd.
Chaidh 233 cùisean ùra a dhearbhadh an-dè ann an sgìre a' bhùird slàinte.
Tha 35 duine leis anns an ospadal anns an sgìre.
Bàsan
Cuideachd, tha ceathrar air bàsachadh is Covid orra ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain-sa.
Bha 19 bàsan Covid anns an sgìre anns an Dàmhair.
Ged a tha Covid cumanta, tha Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dr Tim Allison, ag ràdh gu bheil a' bhanachdach a' ciallachadh nach eil uiread de dhaoine a' fàs buileach tinn.
Na h-Eileanan Siar
Cuideachd, dh'innis NHS nan Eilean Siar gun robh 21 cùisean ùra aca oidhche Chiadain.
Bha 17 ann an Leòdhas, le naoi dhe na cùisean am measg chloinne, agus bha ceithir ann am Beinn na Faoghla.