Deasbad mu structar comhairle dheth

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Cha tèid aig Comhairle na Gàidhealtachd air coimhead ri moladh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air structar an ùghdarrais Diardaoin mar a bha dùil.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil trioblaidean teicnigeach air èirigh, agus mar sin nach tèid am moladh a dheasbad, ach gu bheil dùil aca a-niste am moladh a dheasbad aig 09:00m Dihaoine.

Tha am moladh ag iarraidh barrachd chumhachd a sgaoileadh a-mach gu na sgìrean ionadail, agus comhairlean roinneil a stèidheachadh às ùr.

Chaidh ochd comhairlean ionadail a chur còmhla gus Comhairle na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1995.

Ach tha beachd aig cuid a-niste gu bheil structar na Comhairle air fàiligeadh, 's gum feumar cumhachd a thilleadh chun nan sgìrean.