Atharrachadh air fàire aig Comhairle Mhoireibh?

  • Air fhoillseachadh
Comhairle MhoireibhTùs an deilbh, Comhairle Mhoirbh

Dh'fhaodadh buidheann riaghlaidh ùr a dhol os cionn Chomhairle Mhoireibh, is cunnart ann dhan SNP gun caill iad an t-ùghdarras ionadail.

Tha seo a' tighinn às dèidh do chomhairliche SNP seasamh sìos.

'S e buidheann SNP a tha a' ruith na comhairle às dèidh do cho-bhanntachd de neo-eisimeilich agus Tòraidhean tuiteam às a chèile.

Ball a' falbh

Ach, bho leig seann bhall SNP airson Eilginn, Paula Coy, dhith a dreuchd, tha na Tòraidhean agus a' bhuidheann neo-eisimeileach MAG ag ràdh gu bheil buidheann a' Phàrtaidh Nàiseantaich ro bheag airson a bhith a' riaghladh.

Feuchaidh iad ri buidheann riaghlaidh ùr a stèidheachadh aig coinneamh shònraichte de Chomhairle Mhoireibh Diluain sa tighinn, is iad airson smachd fhaighinn air an ùghdarras gu na taghaidhean comhairle anns a' Chèitean an ath-bhliadhna.

Buidseat

Thuirt iad gun cuireadh iad buidseat làidir an sàs a chuidicheadh gnìomhachasan agus coimhearsnachdan Mhoireibh.

Thuirt an SNP gur e gluasad buaireasach a tha seo, dìreach seachdainean ron bhuidseat.

Bha iad ag ràdh cuideachd gum feuch iad ri taic fhaighinn airson fuireach ann an cumhachd.