Colaiste a' Chaisteil dùinte ri linn Covid
- Air fhoillseachadh

Bidh Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh dùinte airson a' chòrr den t-seachdain leis na tha de luchd-obrach a dh'fheumas iad fhèin a chumail air leth air sgàth Chovid-19.
Tha dùil aca fosgladh a-rithist Diluain ach thuirt iad gun gabh iad ri stiùireadh Riaghaltas na h-Alba a thaobh srèana Omicron den bhìoras, agus, mar sin, bidh bacaidhean an sàs aig a' champas agus cha bhi na h-uimhir a' tachairt ann airson beagan sheachdainean.
Dh'innis NHS nan Eilean Siar gun deach 32 cùisean Covid ùr a dhearbhadh san sgìre Diciadain agus gu robh a' chuid as motha dhiubh sin ann an Leòdhas le dìreach aonan sna Hearadh agus aonan an Uibhist a Tuath.
Tha ceangal eadar 27 de na cùisean eadar Leòdhas agus na Hearadh, thuirt iad.
Thuirt am bòrd slàinte gu robh clionaig banachdaich ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh Dihaoine eadar 12:30f. agus 4:30f. agus eadar 5:30f. agus 7:30f..