Seirbheisean Loganair gan gearradh ri linn Covid
- Air fhoillseachadh

Thuirt Loganair gun geàrr iad seirbheisean adhair eadar Steòrnabhagh is Glaschu san Fhaoilleach air sgàth dhraghan mun t-srèana Omicron den Choròna-bhìoras.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil an sgapadh air buaidh a thoirt air misneachd luchd-siubhail a' fàgail nach eil na h-uimhir a' cur thursan air dòigh.
Thèid seirbheisean a lùghdachadh bho thrì sa là gu a dhà Diluain gu Dihaoine.
'S e dìreach aon sheirbheis a bhios ann Disathairne agus Là na Sàbaid. Tha dhà ann gu h-àbhaisteach.
Chan eil atharrachadh anns na seirbheisean a dh'Inbhir Nis agus a Dhùn Èideann aig an ìre-sa.
Cha tàinig atharrachadh ann an seirbheisean Bheinn na Faoghla no seirbheisean Bharraigh aig an ìre-sa nas motha.
Bidh seirbheisean ann an Arcaibh, Sealtainn agus Obar Dheathain ag atharrachadh.
Thuirt Loganair gum feumadh iad an ceum seo a ghabhail leis gu robh srèana Omicron a' fàgail nach robh uimhir de dhaoine a' beachdachadh air siubhal an-dràsta.
Thuirt iad gu robh an t-iarrtas airson cuid de na seirbheisean san àm ri teachd air crìonadh an dàrna cuid agus nach biodh e ciallach no practaigeach feuchainn ri iad uile a chumail a' dol.
Mairidh na h-atharrachaidhean mìos an Fhaoillich agus thèid sùil a thoirt air mar a tha cùisean sa Ghearran.