Diofar dhùbhlain aig County is ICT

  • Air fhoillseachadh
Harry ClarkeTùs an deilbh, SNS

Cumaidh Ross County orra Disathairne leis na h-oidhirpean aca sreap bho bhonn a' Phrìomh Lìg, is iad a' cluich an aghaidh Dhùn Dè an Inbhir Pheotharain.

Rinn iad a' chùis orra aig Dens 5-0 anns an Dàmhair.

Tha Dùn Dè anns an deicheamh àite ann am Prìomh Lìg na h-Alba.

Trì puingean air dheireadh

Tha County trì puingean air dheireadh air St Johnstone, a th' anns an 11mh àite san lìg.

Bidh sgioba Pheairt an aghaidh Obar Dheathain Disathairne.

Aig a' cheart àm, bidh Caley Thistle Inbhir Nis a' feuchainn ri fuireach aig mullach an Championship Disathairne is iad a' cluiche Greenock Morton, a th' anns an ochdamh àite anns an lìg.

Goireasan aig Cappielow

Chan eil fhios dè seòrsa fàilte a thèid a chur air sgioba Inbhir Nis ge-tà, is iad air na goireasan aig Cappielow a chàineadh.

Chuir Morton ICT a-mach à Cupa na h-Alba air breaban-peanais ann an Grianaig oidhche Mhàirt.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Billy Dodds, gun robh an seòmar-deasachaidh "grabhail" agus nach robh e fut fiù 's airson bheathaichean.