Clionaigean banachdaich sna h-Eileanan aig deireadh na seachdain
- Air fhoillseachadh

Tha NHS nan Eilean Siar an dòchas gun gabh daoine a tha a-muigh sna bùithtean ann an Steòrnabhagh aig deireadh na seachdain an cothrom banachdaichean airson Covid-19 agus am flu fhaighinn.
Bidh clionaig taobh a-muigh bùth mhòr a' Cho-op air Rathad MhicAmhlaigh ann an Steòrnabhagh Dihaoine eadar 12:30-18:00 agus Disathairne eadar 10:30-17:30.
Gheibhear cothrom a' chiad agus an dàrna dòs de bhanachdach Covid fhaighinn, a thuilleadh air bustair agus banachdach an flu agus chan fheumar uair a chur air dòigh ro làimh airson a dhol ann.
Tha clionaig eile ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh Dihaoine eadar 12:30-16:30 agus eadar 17:30-19:30, agus cuideachd Disathairne agus Là na Sàbaid. Bidh na dhà sin fosgailte eadar 09:00-12:00 agus 13:00-16:00.
A-rithist chan fheumar uair a chur air dòigh ro làimh airson a dhol ann.
Tha sin fìor cuideachd airson nan clionaigean ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh agus Ionad Ionnsachaidh Bharraigh.
Bidh clionaig Ospadal Uibhist is Bharraigh ann Disathairne eadar 09:00-12:00 agus eadar 13:00-16:00 agus Là na Sàbaid eadar 09:00-12:00 agus 13:00-16:00.
Bidh an clionaig ann an Ionad Ionnsachaidh Bharraigh Disathairne eadar 09:00-16:00 agus Là na Sàbaid eadar 09:00-16:00.
Tha clionaigean ann an Ionad Dhotairean Bhaile a' Mhanaich (a' chiad san dàrna dòs) agus Ionad Dhotairean Uibhist a Deas (flù agus bustair Covid) ach feumar uair a chuir air dòigh airson sin.
Faodar bustair fhaighinn 12 seachdainean an dèidh an dàrna dòs fhaighinn.
Faodaidh òganaich eadar 12 agus 17 bliadhna de dh'aois an dàrna dòs den bhanachdaich fhaighinn 12 seachdainean às dèidh a' chiad fhear.
Chan eil aig daoine aois 18 bliadhna agus nas sine ri feitheamh cho fada 'son an dàrna dòs.
Faodaidh iadsan sin fhaighinn às dèidh ochd seachdainean.
Dh'innis Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, gun deach 12 cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh sna h-eileanan Diardaoin.
Bha iad uile ann an Leòdhas agus bha ceangal aig deich dhiubh ri cùisean eile.
Bha seachd dhiubh ceangailte ri chèile.
Se cùisean ùra a bha san dà chùis eile.