Dragh mu oidhirpean chompanaidhean dèiligeadh ri càrbon
- Air fhoillseachadh

Thog fear a bhios ag iomairt mun fhearann dragh mu chompanaidhean mòra a bhith a' ceannach talmhainn ann an Alba ann an oidhirp dèiligeadh ris na tha iad a' sgaoileadh de chàrbon nan obair.
Gu math tric, bithear a' cur chraobhan dhan talamh agus bidh sin air a chunntadh mu choinneimh nan tunnaichean de chàrbon a tha iad a' cosg, cleachdadh a tha aithnichte mar "green lairding".
Ach tha Andy Wightman, a bha roimhe na bhall Uaine ann am Pàrlamaid na h-Alba, ag ràdh nach eil seo a' dèanamh mòran airson blàthachadh na cruinne a leasachadh, agus a' cruthachadh dhuilgheadasan do choimhearsnachdan dùthchail.
Thug e rabhadh gum faodadh prìs fearainn air Ghàidhealtachd èirigh gu mòr - chun na h-ìre 's nach bi e comasach do choimhearsnachdan fearann a cheannach.
"Bu chòir am fearann againne a bhith ann an làmhan muinntir na sgìre, gnothachasan ionadail a tha a' fuireach ann an seo agus a tha san eaconamaidh ionadail.
"Bu chòir sin prìomhachas fhaighinn. Cha bu chòir dhuinn a bhith ga reic gu calpa cruinneil. Sin an dòigh cheàrr a dhèanamh.
"Ach leis gu bheil margaidh fearainn neo-riaghailte againn tha an cead aca a dhol dhan mhargaidh sin."
Tha Mgr Wightman a' cur taic ri craobhan a bhith gan cur ach tha e ag ràdh gum bu chòir do ghnothachasan barrachd aire a thoirt do a bhith a' lùghdachadh ghasaichean càrboin, seach a bhith gan cothromachadh.
Tha a' chompanaidh dibhe Albannach Brewdog air oighreachd anns a bheil 9,000 acair faisg air an Aghaidh Mhòir a cheannach airson a' phròiseict aca "Lost Forest" far a bheil iad ag amas talamh mòintich ath-stèidheachadh agus millean craobh a chur.
Thuirt iadsan gun robh iad a' toirt prìomhachas do a bhith a' lùghdachadh ghasaichean càrboin agus gun robh pròiseact "Lost Forest" mar rud a bharrachd a bha a' cur ri sin.
Chaidh a' chompanaidh Real Wild Estates a stèidheachadh bho choinn grunn mhìosan leis an amas uachdarain a chuideachdadh bith-iomadachd ath-stèidheachadh air talamh a bha leotha no a bha iad air ceannach às ùr.
Thuirt Benedict Dòmhnallach, bhon chompanaidh, gun robh na daoine dhan robh e ag obair "airson talamh ath-stèidheachadh dha-rìribh."
"Chan eil sinn a' ceannach no a' brosnachadh dhaoine fearann coimhearsnachd a cheannach," thuirt e.
Thuirt e gun robh ùidh aig a' chuid as motha de na daoine a bha esan a' riochdachadh ann an sgìrean mòra de thalamh mòintich nach robh aig ìre.