Seirbheis nam Maoimtean-sneachda air tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh
Maoim-sneachdaTùs an deilbh, SAIS

Tha an t-seirbheis a tha a' measadh a' chunnairt bho mhaoimtean-sneachda ann an Alba air tòiseachadh às ùr.

Bidh Seirbheis Fiosrachaidh Maoim-Sneachda na h-Alba (SAIS), a tha air a cleachdadh gu tric le luchd-coiseachd, sreapadairean is luchd-sgithidh, a-nise a' ruith gu meadhan a' Ghiblein.

Tha sia sgìrean aca fon phrosbaig: Ceann a Tuath is Ceann a Deas a' Mhonaidh Ruaidh, Loch Abar, Creag Meagaidh, Gleann Comhann agus Toirbheartan.

San t-seusan mu dheireadh, chaidh 212 maoim-sneachda a chlàradh.

Neo-àbhaisteach

Thug iad seo buaidh air deichnear ach cha do chaill duine am beatha.

Dh'innis an t-Seirbheis gun do dh'fhàg sneachda trom nuair a bhuail Stoirm Darcy sa Ghearran gun robh maoimtean-sneachda ann aig ìrean nas ìsle, is ann an àitichean taobh a-muigh nan sgìrean a tha iad a' measadh mar as trice.

Nam measg bha Gall-Ghàidhealaibh, Rùm is Monadh Pentland faisg air Dùn Èideann.

Thuirt iad cuideachd gun robh suidheachadh neo-àbhaisteach aca tràth sa Chèitean nuair a chuir iad an t-seirbheis gu dol a-rithist 'son treis leis na bh' ann de shneachda.