Dithis a dhìth sa Mhuir Bhaltaich
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann gun do chaochail dithis às dèidh do bhàta às an Danmhairg agus bàta bathair a tha clàraichte ann an Inbhir Nis bualadh na chèile sa Mhuir Bhaltaich far costa na Suaine.
Bha an dithis a tha air chall air a' bhàta às an Danmhairg air an deach car, an Karin Hoej. 'S iad a-mhàin a bha air bòrd.
Tha criutha a' bhàta a tha clàraichte ann an Inbhir Nis, an Scot Carrier, slàn sàbhailte.
Thachair an tubaist mu 02:30m Diluain.
Dh'innis Buidheann Mara na Suaine gu bheil iomairt theasairginn a' leantainn ach nach deach duine a lorg thuige seo. Thuirt iad gu bheil e dorch is an t-uisge gu math fuar.
Chan eil e follaiseach fhathast dè dh'adhbhraich an tubaist.
Bha an Scot Carrier air a slighe a dh'Alba aig an àm.