Dithis an greim às dèidh tubaist sa Mhuir Bhaltaich
- Air fhoillseachadh

Tha dithis an greim às dèidh tubaist sa Mhuir Bhaltaich san do bhuail bàta às an Danmhairg agus bàta bathair a tha clàraichte ann an Inbhir Nis na chèile.
Chaochail aon dhen dithis chriutha a bh' air bòrd a' bhàta às an Danmhairg air an deach car, an Karin Hoej, agus tha an neach eile fhathast a dhìth.
Thòisich luchd-casaid san t-Suain rannsachadh is tha dithis a bh' air bòrd a' bhàta a tha clàraichte ann an Inbhir Nis, an Scot Carrier, a-nise an grèim.
Dhearbh a' chompanaidh leis a bheil an Scot Carrier, Scot Line, gun d'fhuair deuchainn gun robh dithis den chriutha fo bhuaidh na dibhe.
'S e Breatannach agus Croàitianach a tha an grèim.
Thachair an tubaist mu 02:30m Diluain.
Chan eil e follaiseach fhathast dè dh'adhbharaich an tubaist, ach a rèir aithrisean bha ceò dùmhail ann aig an àm.