Taic do phròiseactan Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Fearann Coimhearsnachd na h-Alba taic-airgid do chòig pròiseactan Gàidhlig coimhearsnachd anns na h-eileanan.
'S e seo a' chiad chuairt de thabhartsan fo sgeama pìleat ùr, Maoin Coimhearsnachdan na Gàidhlig, a tha ag amas air a' Ghàidhlig a bhrosnachadh mar chànan coimhearsnachd.
Tha Bòrd na Gàidhlig a' cumail taic-airgid ris an sgeama is thèid £49,500 a roinn eadar na còig pròiseactan.
Às dèidh do dh'Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba beachdachadh air tagraidhean, chaidh measadh a dhèanamh orra le pannal neo-eisimeileach le Agnes Rennie na cathraiche.
Clasaichean
Cuiridh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil prògram de thachartasan air adhart stèidhichte timcheall air a' Ghàidhlig le clasaichean eadar-ghinealach, bocsaichean bìdh air an lìbhrigeach gach seachdain, agus fèis ùr aig Grinneabhat 2122.
Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh a' dol a leasachadh Seirbheis Maoir-Dùthcha tron Ghàidhlig is iad ag amas air daoine òga a bhrosnachadh Gàidhlig a chleachdadh air a' bhlàr a-muigh.
Cumaidh Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe tachartasan eadar-ghinealach gach seachdain is iad ag amas gu mòr air cloinn. Bidh bruidhinn na Gàidhlig cuideachd ga bhrosnachadh ann am bùithdean, taighean-seinnse is taighean-bìdh.
Gheibh Buidheann Leasachaidh Choimhearsnachd Horsiadair taic airson tachartasan slàinte is sunnd na coimhearsnachd a chur air dòigh tron Ghàidhlig. Bidh cèilidhean, cuairtean, buidhnean còmhraidh, spòrs-uisge agus taisbeanadh dhealbhan am measg na bhios ann.
Eachdraidh
Tha Urras Thiriodh ag amas air a' choimhearsnachd a thoirt còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh, is fiolm Gàidhlig le deasbad, dinnear le òrain is bàrdachd na Gàidhlig, is oidhcheanan stèidhichte air eachdraidh an eilein am measg na bhios aca.
"'S e urrasan coimhearsnachd a tha anns na tagraichean soirbheachail uile, agus na sgilean, an aithne agus an t-eòlas aca a bhith a' cumail taic ri cleachdadh na Gàidhlig ann an dòighean ùr-ghnàthach" thuirt oifigear leasachaidh na Gàidhlig aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Chrissie NicIllÌosa.
Dh'innis Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gum fosgail an dàrna cuairt de mhaoineachadh do thagraidhean a dh'aithghearr.
Tha an sgeama fosgailte do dh'urrasan fearainn coimhearsnachd agus urrasan dualchais choimhearsnachd anns na h-eileanan.