Bacaidhean ùra an ospadalan nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air bacaidhean ùra a chur an sàs airson luchd-tadhail aig ospadalan is draghan ann mu shreuna Omicron.
Cha bhi e ceadaichte do dhuine tadhal air ospadalan nan eilean uile ach ann an suidheachadh riatanach.
Tha sin a' ciallachadh shuidheachaidhean nuair a tha euslainteach a' tighinn gu deireadh am beatha, companach ann an roinnean màthaireil, clann, euslaintich slàinte-inntinn, feadhainn le dementia, trioblaidean ionnsachaidh no autism.
Tha cead aig luchd-dàimh a-mhàin tadhal anns na suidheachaidhean seo, is bidh feum aca air deuchainn Lateral Flow a dhèanamh ro-làimhe (agus gach là), agus àm tadhail a chur air dòigh ro-làimh.
Tha seòmraichean bìdh nan ospadalan cuideachd dùinte dhan phoball.
'Briseadh -dùil'
Dh'innis àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gur e co-dhùnadh duilich a bha seo is gun robh e a' tighinn le dùil le àrdachadh ann an cùisean de Chovid-19 gu nàiseanta, is àireamh bheag de chùisean ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh mar-thà.
"Tha sinn a' tuigsinn gur e briseadh-dùil mòr a bhios anns na bacaidhean seo sa choimhearsnachd", thuirt Mgr Jamieson.
"Feumaidh sinn euslaintich, luchd-obrach is seirbheisean a dhìon ge-tà.
"Bidh sinn a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh is cumaidh sinn fios ris a' choimhearsnachd", thuirt e.
Aig an dearbh àm, tha am bòrd slàinte cuideachd air leigeil fhaicinn gun urrainn do dhuine sam bith nas sine na 18 anns na h-eileanan a dhol 'son treas dòs de bhanachdaich Chovid-19.