Dùbhlan ionmhais NHS na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach bi iad a' cur feum air taic bho Riaghaltas na h-Alba airson am buidseat a chothromachadh, a dh'aindeoin rabhaidh gu bheil dùbhlan ionmhais romhpa.

Sheall aithisg bho Àrd Neach-Sgrùdaidh na h-Alba gum feum am bòrd £33m a chùmhnadh air a' bhliadhna ionmhais seo.

Anns an aithisg a chaidh air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba ge-tà, dh'innis Steafan Boyle cuideachd gun tàinig piseach air dòighean obrach, ceannas agus cultar Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Ann an 2019, dh'innis na ceudan de luchd-obrach dha rannsachadh neo-eisimeileach gun robh iad air eagal, maoigheadh agus dol-a-mach mì-iomchaidh fhulang aig NHS na Gàidhealtachd.

San aithisg ùir, thuirt Àrd Neach-Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil am bòrd air rudan a chur an gnìomh gus dèiligeadh ri sin, agus iad air oifis a stèidheachadh a tha a' dèiligeadh ri gnothaichean ionmhais am measg grunn rudan eile.

Dh'innis Mgr Boyle gu bheil sin cudromach gus am bi am bòrd comasach air dèiligeadh ri suidheachadh an ionmhais agus Covid.

Thuirt cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd, an t-Oll. Boyd Robasdan, gu bheil iad "riaraichte" leis an aithisg.

"Tha e ag aithneachadh gu bheil sinn air adhartas mòr a dhèanamh san dà bhliadhna mu dheireadh agus gu bheil gnothaichean a' gluasad air adhart gu math", thuirt an t-Oll. Robasdan.

Dh'innis e gu bheil am bòrd mar-thà air sàbhalaidhean mòra a dhèanamh anns na bliadhnaichean mu dheireadh gun seirbheisean a lùghdachadh, is gu bheil e comasach dhaibh sin a dhèanamh a-rithist.

Taic

Thuirt e nach eil dùil gum bi feum aca air taic shònraichte bhon Riaghaltas gus na leabhraichean aca a chothromachadh.

Thuirt e gur e dùbhlan ionmhais a th' ann an Covid-19 cuideachd, ach gu bheil sin fìor dhan a h-uile bòrd slàinte a th' ann is iad uile an eisimeil taic riaghaltais airson dèiligeadh ris.

B' e seo an còigeamh aithisg sgrùdaidh bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba mu Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd ann an ochd bliadhna.

Dh'innis Steafan Boyle nach eil e a' sùileachadh gum bi aige ri aithisg eile a dhèanamh, ach gum bi sin a rèir suidheachadh a' bhùird fhèin.

'S e sin cuideachd beachd an Oll. Robasdain.

"Chanainn nach tigeadh e air sin a dhèanamh ma chumas sinn oirnn mar a tha sinn air a bhith a' dèanamh san dà bhliadhna mu dheireadh.

"'S e an aon teagamh a tha mi a' smaointinn a th' aige, 's e dìreach an saoghal anns a bheil sinn beò an-dràsta le Covid agus cho mì-chinnteach 's a tha gnothaichean, agus an crathadh a tha sin a' toirt air cosgaisean gach bòrd", thuirt e.

Aig an dearbh àm, dh'aidich an t-Oll. Robasdan gu bheil e air a bhith na dhùbhlan siostam nam banachdaichean a leudachadh agus an Riaghaltas airson 's gum faigh a h-uile inbheach anns an dùthaich bustair ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt e gun do chuir an gluasad gu siostam ùr maill air gnothaichean, agus dh'iarr e gum biodh daoine foighidneach.