Deuchainnean LFD rim faighinn air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Deuchainn

Tha deuchainnean Lateral Flow rim faighinn bho làraichean ann an cuid de bhailtean na Gàidhealtachd gu deireadh na seachdain.

'S e co-obrachadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd is Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a tha seo.

Tha cuid air a bhith a' gearain gu bheil gainnead dheuchainnean LFD air a bhith ann is iarrtas air an son a' sìor fhàs le sreuna ùr Omicron den Choròna-bhìoras.

Dh'innis an dà bhuidhinn gu bheil iad ag obair còmhla gus am bi barrachd de na deuchainnean rim faighinn air feadh na Gàidhealtachd.

Bha iad an dùil an toiseach an toirt seachad an t-seachdain seo aig làraichean ann am meadhan Inbhir Nis a-mhàin, ach chaidh sin a leudachadh gu làraichean ann an Inbhir Pheofharain is Inbhir Narann cuideachd.

Faodaidh daoine an togail aig na làraichean a leanas eadar seo is Dihaoine:

Dicadain an 15mh den Dùbhlachd

  • Àrd-Shràid Inbhir Nis (madainn)
  • Àrd-Shràid Inbhir Narann (feasgar)

Diardaoin an 16mh den Dùbhlachd

  • A' Mhargaidh Bhictòrianach, Inbhir Nis (madainn)
  • Ionad Eastgate, Inbhir Nis (feasgar)
  • Àrd-Shràid Inbhir Pheofharain (feasgar)

Dihaoine an 17mh den Dùbhlachd

  • Ionad Eastgate Inbhir Nis (madainn is feasgar)
  • A' Mhargaidh Bhictòrianach, Inbhir Nis (madainn)
  • Stèisean Rèile Inbhir Nis (madainn)
  • Àrd-Shràid Inbhir Pheofharain (feasgar)

"Tha ìrean àrda de Chovid-19 air a' Ghàidhealtachd is tha e cho cudromach 's a ghabhas gun cuir sinn smachd air sgaoileadh a' bhìorais", thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Tim Allison.

"Nuair a tha sinn a' dèiligeadh ri bhìoras nuair nach eil uaireanan comharran idir ann, tha e riatanach cùisean a dhearbhadh cho tràth 's a ghabhas.

"Tha deuchainnean LFD sa choimhearsnachd gu cunbhalach gar cuideachadh le cùisean gun chomharran a lorg agus stad a chur air sgaoileadh a' bhìorais", thuirt e.

Gheibhear deuchainnean LFD cuideachd bho bhùthan-chungaidhean agus tron phost an seo, no tro fònadh gu 119.