Beachdan gan sireadh às ùr mu Sandown

  • Air fhoillseachadh
Talamh Maitheis Choitchinn Inbhir NarannTùs an deilbh, Ian R Maxwell/Geograph

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan às ùr air planaichean connspaideach 'son fearann ann an Inbhir Narann a reic.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' beachdachadh air làrach Sandown air taobh siar a' bhaile a reic, ged a tha am fearann fo chùmhnant Maitheas Coitchinn.

Thathas an dùil gu bheil luach eadar £6m is £7m air an fhearann, anns a bheil 38 heactairean.

Thuirt a' Chomhairle gum biodh an t-airgead a thigeadh a-steach air a chosg air pròiseactan coimhearsnachd ann an Inbhir Narann.

Bha a' mhòr-chuid a thug seachad beachd ann an co-chomhairle eile nas tràithe am-bliadhna an aghaidh am fearann a reic.

"Tha sinn mothachail air cho cudromach 's a tha Sandown dha muinntir a' bhaile", thuirt cathraiche Comataidh Inbhir Narann, an Comh. Tom Heggie.

"Sa cho-chomhairle ùir a tha seo, tha mi gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine nach tug seachad beachd roimhe. Tha e cudromach gum faigh sinn farsaingeachd de bheachdan bho dhaoine agus buidhnean sa bhaile", thuirt e.

Faodar beachd a thoirt seachad an seo.

Dùinidh a' cho-chomhairle aig deireadh an Fhaoillich.