Buaidh aig rathad dùinte air a'Ghàidhlig

Tha dragh air pàrantan ann an sgìre Loch Aillse mun aon ionad Ghàidhlig sa sgìre, ann am Bun sgoil a' Phluic.

Dh'atharraich Comhairle na Gàidhealtachd seirbheis còmhdhail na bun sgoile - a' ciallachadh gu bheil an fheadhainn bheaga a-nise a' siubhal air bus na h-àrd sgoile.

Tha co-dhiù aon phàrant ag raàh gu feum i an gille beag aice a thoirt a-mach às an ionad Ghàidhlig leis na h-atharrachaidhean seo.