BBC Naidheachdan

Draghan mu chosgaisean Argos son stuth a ghiulain

Tha gearanan air togail ceann mu cho àrd sa tha na cosgaisean a tha an lùib a bhith a' ceannach cuid de stuth aig buth ùr Argos ann an Steòrnabhagh.

A rèir cuid chaidh iarraidh orra faisg air leth-cheud not a phàigheadh airson stuth a thoirt a-nall bho thìr mòr nach eil ri fhaighinn anns a' bhùth air an latha sin fhèin.

Thuirt Argos gu bheil na cosgaisean cho àrd air sgàth 's cho daor sa tha e bathar a ghiulain a Leòdhas.