BBC Naidheachdan

Draghan mu gluasad sgoil-àraich

Bha pàrantan feargach aig coinneimh phoblaich ann am Barraigh a-raoir mu phlanaichean Comhairle nan Eilean Siar sgoil-àraich an eilein a ghluasad.

Tha an t-ùghdarras airson an goireas a ghluasad à Ionad na Cloinne gu Bun-sgoil Bhàgh a' Chaisteil.