BBC Naidheachdan

Dual-chainntean a' dol à bith

Tha coltas gun tèid dual-chainntean na Gàidhlig air fad à bith, ach a-mhàin feadhainn Leòdhais agus Uibhist a Deas.

Sin am beachd a tha a' tighinn à rannsachadh a rinn eòlaiche ann an Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha an t-Ollamh Uilleam Lamb ann an Roinn na Ceiltis ag ràdh gu bheil deasbad mhòr a dhìth air dè a ghabhadh deànamh airson leithid Gàidhlig an Eilein Sgiathanaich agus Gàidhlig na Hearadh a chumail, gun a dhol às an t-sealladh.