BBC Naidheachdan

Ceann-cinnidh an sàs san deasbad mu SAC

Chaidh ceann-cinnidh chlann 'IcNèill an-sàs san deasbad mu SAC Chaolas Bharraigh.

Thuirt Ruairidh MacNèill gum bu chòir do dhaoine cuimhneachadh air cho beag diù 's a thug an Riaghaltas do bheachd an t-sluaigh mun SAC, nuair a thig e chun a' bhot mu neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha dùil ri luchd-iomart às an eilean a' togail fianais ro dheasbad bhall aig Pàrlamaid na h-Alba.