BBC Naidheachdan

Dragh mu aiseag Armadail

Tha dragh air muinntir Shlèite gun tig lùghdachadh air an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal ri linn Ath-sgrùdadh nan Aiseagan.

Anns a' phàipear chonaltraidh aca, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach i seirbheis dheatamach a th' innte, ach seirbheis a tha cudromach do luchd turais a-mhàin.