Leasachadh Ionad Cloinne Bharraigh

Thàinig obair leasachaidh air Ionad na Cloinne ann am Barraigh gu crìch an t-seachdain seo.

Chaidh ùrlar ùr a chur ann am pìosan den togalach, chaidh àirneis a chur dhan chafaidh aca agus chaidh dèideagan ùra dhan chloinn a cheannach.

Chaidh sin uile a dhèanamh le duais airgid luach £5000 a bhuannaich an t-ionad an-uiridh.