Rannsachadh Poilis ann am Peairt

Chaidh rannsachadh a chur air chois le Poilis Taobh Tatha às dèidh mar a chaidh boireannach, 80 bliadhna a dh'aois, fhaighinn marbh na dachaidh.

Thuirt oifigearan gu bheil iad amhrasach mu bhàs Jenny Methven ann am baile beag Fothair Tabhaicht ann an Siorrachd Pheairt.