BBC Naidheachdan

Teagamhan mu aiseag a Mhalaig

Thog fear a tha ag obair aig companaidh a tha gu math cudromach dha eaconomaidh nan Eilean Siar teagamh mhòr mun iomairt gus seirbheis aiseig fhaighinn eadar Loch Baghasdail is Malaig.

Tha Dòmhnall Moireasdan bhon chompanaidh reic-stuic, United Auctions, ag ràdh gun dèanadh aiseag a Mhalaig milleadh air croitearachd ann an Uibhist.

Tha e ag ràdh nach gabhadh làraidhean stuic a ruith taobh Mhalaig.