Leasachadh Ionad Cloinne Bharraigh deiseil

Chaidh crìoch a chur air obair leasachaidh aig Ionad na Cloinne ann am Barraigh air an t-seachdain seo.

Chaidh ùrlar ùr a chur sìos ann am pàirtean den togalach, chaidh àirneis a chur a-steach dhan chafe, agus chaidh dèideagan ùra a cheannach dha na h-òganaich.

Chaidh na leasachaidhean a mhaoineachadh le duais airgid de £5000 a bhuannaich an t-ionad an-uiridh.