BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha luchd-poileataigs na h-Eadailte airson faighinn a-mach carson nach deach bruidhinn ris an riaghaltas acasan mus do thòisich iomairt gus Breatannach agus Eadailteach a bha am bruid ann an Nigeria a shaoradh. Chaidh Chris MacMhànuis agus Franco Lamolinara, a bh' air a bhith an grèim bhon Chèitean an-uiridh, a mharbhadh ann an sabaid chruaidh.

Coinnichidh luchd-rianachd Rangers ri cluicheadairean an-diugh mar oidhirp aonta a ruighinn airson tuarastail a ghearradh agus obraichean a ghlèidheadh. Mur a bi aonta ann an-diugh tha iad ag ràdh nach bi rian nach caill daoine an cuid chosnaidhean.

Dh'aidich Ball na h-Eaglaise Brice ann am Pàrlamaid Westminster, Eric Joyce, gun robh e ciontach de cheithir casaidean ionnsaigh aig èisteachd ann an Cùirt nam Maighstirean ann an Westminster. Bha na casaidean an co-cheangail ri tachartas aig Taigh-seinnse nan Strangers ann an Taigh nan Cumantan air a' mhìos a chaidh.

Thòisich na Poilis sgrùdadh às dèidh bàs dithis fhireannach ann an tubaist-rathaid ann an Gleann Comhann an-dè. Thachair an tubaist eadar làraidh agus càr, mu mhìle deas air a' bhaile fhèin air an A82. Bha an rathad dùinte gu mu 08:00m an-diugh sa mhadainn. Tha na Poilis airson bruidhinn ri duine sam bith le fiosrachadh mu na thachair.

Tha an Comunn Gàidhealach a' moladh iomairt airson inbhe UNESCO fhaighinn dha na h-Eileanan an Iar mar làrach shònraichte a thaobh na Gàidhlig. Tha an Ceann-suidhe aca, Iain MacLeòid, ag iarraidh gun dèan Comhairle nan Eilean Siar, Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean Gàidhlig tagradh, a' togail air a' bhunait choimhearsnachd a th' aig a' chànan anns an sgìre. Tha e ag ràdh gun toireadh inbhe dhe leithid togail air obair-leasachaidh na Gàidhlig ann.

Tha Riaghltas na Grèige ag ràdh gun d'fhuair iad aonta leis an fheadhainn aig a bheil barantasan ionmhais leotha a chuireas às do chuid mhath de na fiachan a th' orra. tha an t-aonta a' leigeil leotha an dàrna cnap airgid fhaighinn bhon IMF agus an t-Aonadh Eòrpach.