BBC Naidheachdan

Inbhe UNESCO do na h-Eileanan?

Dh'iarr ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich taic Comhairle nan Eilean Siar ann a bhith a' faighinn inbhe UNESCO do na h-Eileanan an Iar mar làraich shònraichte a thaobh na Gàidhlig.

Tha Iain MacLeòid a' moladh togail air a' bhunait choimhearsnachd a th'aig a' chànan sna h-Eileanan, ann an oidhrip gus inbhe dhualchais shònraichte fhaighinn bho bhuidhinn chulturail nan Dùthchanan Aonaichte.