Puingean do Cheann a' Ghiuthsaich
Thog Ceann a' Ghiuthasaich puingean son a' chiad turas am bliadhna 's iad a' coinneachadh ri Caolas Bhòid a bha cho faisg air an tiotal an-uiridh.
Às dèidh dà gheama tha cumadh gu math neonach air an lìog.
Sheall Ceann Loch Seile gu bheil na coimeasan aca cluich aig an ìre àrd, a' criochnachadh co-ionnan taghal an urra leis a' Ghearasdan.
Sin trì puingean aca bho dà gheam gu ruige seo gus am fagail san darna àite.
Agus 's e Lobhat an aon sgioba aig a bheil ceithir puingean bho dà gheama.