BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha an Eadailt agus Saudi Aràibia a-niste am measg nan dùthchannan a th' air na h-Ambasaidean aca ann an Siria a dhùnadh le dragh mu thèarainnteachd anns an dùthaich sin. Agus tha 200 de bhuidhnean chòirichean daonna air feadh an t-saoghail a' comharrachadh gu bheil bliadhna ann an-diugh bho thòisich an ar-a-mach an aghaidh an Riaghaltais ann an Siria le bhith ag iarraidh taic na Ruis agus Sìona do mholaidhean an UN airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna an-diugh nach do bhris poilis ann an Lunnainn còirichean dhaoine leis an dòigh san do chuir iad smachd air feadhainn a bha a' togail iomairt air sràidean a' bhaile sa Chèitean ann an 2011. Chaidh feadhainn a bha a' togail iomairt dhan Chùirt Eòrpaich, agus iad a' cumail a-mach gun robh e ceàrr do Phoilis a' Mhet an glasadh ann am pàirt de Chearcall Oxford airson seachd uairean de thìde.

Tha caothach air ceannardan poileataigeach ann an Afganastan gun deach saighdear Aimeireaganach a tha fo chasaid gun do rinn e ionnsaigh le gunna a mharbh 16 duine de shìobhaltaich Afganach, a ghluasad a-mach às an dùthaich. Tha an saighdear - Seàrdeant san Arm Aimeiraganach - a-niste ann an Kuwait, ged a bha mòran ag iarraidh a chur mu choinneimh na Cùirte ann an Afganastan.

Tha triùir chloinne fhathast ìosal anns an ospadal an dèidh na tubaiste le bus anns an Eilbheis a' bhòn-dè anns an deach 28 duine a mharbhadh. Tha pàrantan 22 duine chloinne a chaidh a mharbhadh air siubhal às a' Bheilg dhan Eilbheis a chur aithne ris na cuirp.

Tha àimhreit eadar an SNP agus buill Lib-Deamach Eòrpach mu sgeama RET nam faraidhean aiseig saora. Thuirt am Ball Lib-Deam, Seòras Lyon, gum bi esan a' coinneachadh ri Ceannard Còmhdhail an Aonaidh Eòrpaich a bhruidhinn mun atharrachadh san sgeama a thig gu buil air a' chiad là den ath-mhìos. Tha an sgeama sin an-dràsta air seirbheisean aiseig nan Eilean Siar, Cholla agus Tiriodh, agus thèid a leudachadh do dh'eileanan eile. Ach tha Seòras Lyon ag ràdh nach eil e ceart nach eil a h-uile eilean a' faighinn buannachd às, agus gum bi an EU a' rannsachadh sin. Thuirt Riaghalts an SNP gur ann air RET air a h-uile seirbheis a tha iad ag amas air a' cheann thall, agus gu bheil adhbharan math ann an-dràsta nach eil a h-uile eilean san sgeama.

Thèid iarraidh air buill Chomhairle na Gàidhealtachd an-diugh an taic a chur ri muinntir Uibhist a Deas a tha ag iarraidh seirbheis aiseig as ùr eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Tha aithisg aig Comataidh Sheirbheisean Teicnigeach na Comhairle ag ràdh gun dèanadh an t-seirbheis feum mhòr dha na h-Eileanan a Deas agus do Mhalaig. Tha an aithisg cuideachd ag iarriadh sgeama faraidhean saora nam busaichean a leudachadh dha na h-aiseagan, agus sgeama RET air a h-uile seirbheis aiseig air a' Ghàidhealtachd.