Draghan mu choimisean ùr na croitearachd

Cha bhi Coimisean nan Croitearan, neo Coimisean na Croitearachd mar a bhitheas air bho thoiseach na h-ath-mhìos, cho deamocrataigeach sa dh' fhaodadh e a bhith a-rèir fhear a bha fad iomadach bliadhna na bhall dhen bhuidhinn.

Tha dragh air Ruairidh Moireach agus croitearan eile gur e tuilleadh riaghailtean a bhios san amharc aca seach a bhith seasamh airson còirichean nan croitearan.

Thèid na bhòtaichean ann an taghadh nan coimiseanaran ùra a chunntadh Dihaoine.

Air fhoillseachadh