Biobhairean Taobh Tatha sàbhailte

Cha tèid buidheann de bhiobharan a tha fuireach fiadhaich mu Abhainn Tatha a spadadh an-dràsda co-dhiù.

Cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir sùil gheur a chumail air na beathaichean gus am faic iad mar a thèid do sgeama deuchainn le biobhairean ann an Earra-Ghàidheal.

Air fhoillseachadh