BBC Naidheachdan

Cumhachdan Oighreachd a' Chrùin fo sgrùdadh

Bu chòir cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a chur fo smachd Holyrood mus tèid an sgaoileadh gu coimhearsnachdan fa-leth, a-rèir Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster a bha a' rannsachadh na cùise.

Thuirt a' chomataidh gu bheil an dòigh anns a bheil Oighreachd a' Chrùin a' dèiligeadh ri grunnd na mara 's na cladaichean ann an Alba, làn uireasbhaidhean.