BBC Naidheachdan

Deasbad Mhalaig is Loch Baghasdail

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain air an iarrtas son seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdal agus Malaig.

Dh'iarr am ball Làbarach, Rhoda Ghrannd, an deasbad 's i ag ràdh gum feum an riaghaltas an t-seirbheis sin a chur dhan ath-sgrùdadh air na seirbhisean-aiseig.

Tha Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Loch Baghasdail, Raghnall MacFhionnghuin, ag ràdh gur docha gur e seo an cothrom mu dheireadh son ùine mhath an argamaid airson na seirbheis a chur air adhart aig an ìre seo.