Acadamaidh Sgilean Bhàgh an Eig
Chaidh Acadamaidh Sgilean Bhàgh an Eig a chur air bhonn gu h-oifigeil air Taobh Sear Rois.
Tha dùil gun tèid na miltean chosnaidhean a chruthachadh aig a' cheann thall, le cha mhor 300 dreuchd trèinidh sa chiad bhliadhna.
Bithear a' coimhead gu seachd àraid air sgilean a tha feumail do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, agus do bhith a' caradh chrann ola 's gan toirt às a chèile.
Chaidh cha mhor £1m de dh'airgead poblach a chur san sgeama.