BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Coinnichidh an Rùnaire Cumhachd Ed Davey ri ceannardan nan companaidhean làraidh an-diugh 's iad gu bhith a' deasbad plana-èiginn ma 's e 's gun tèid dràibhearan nan tancairean connaidh air stailc. Tha na Làbaraich ag ràdh gun do rinn an Riaghaltas fìor dhroch làimhseachadh air an t-suidheachadh. Ged nach deach stailc a ghairm fhathast tha mòran a rèir choltais air a bhith a' gabhail comhairle an Riaghaltais agus a' lìonadh chàraichean agus a' stòradh connaidh.

Bradford an Iar

Tha Seòras Galloway na bhall-pàrlamaid a-rithist an dèidh dha fo-thaghadh Bhradford an Iar a ghlèidheadh dhan phàrtaidh Respect, agus e còrr is 10,000 bhòt air thoiseach air na Làbaraich dham buinneadh an sgìre ron a seo. Thuirt ceannard Respect, Salma Jaqoob, gun deach muinntir Bhradford an aghaidh nan Làbarach oir gu bheil iad den bheachd nach eil duine ag èisteachd riutha.

Thuirt a' chompanaidh ola Total gu bheil iad a' tomhas am biodh e sàbhailte luchd-obrach a chur air ais air Clàr-ola Eilginn. Tha gas air a bhith ag aodion an sin bho dheireadh na seachdain seo chaidh. Ach chan eil Total cinnteach fhathast an e sgioba a chur air ais dhan chlàr anns a' Chuan a Tuath as fheàrr dhaibh, air neo tobair eile a chladhach airson an gas a leigeil air falbh.

Thuirt poilis ann an Afganastan gu bheil fear de na h-oifigearan aca air seachdnar oifigear poilis eile a mharbhadh. Loisg an duine orra le gunna aig stèisean ann an ceann an ear-dheas na dùthcha.

Thèid fear mu choinneimh na cùirte ann am Peart an-diugh fo chasaid gur e a mhuirt seann bhoireannach san sgìre bho chionn còrr is mìos. Tha an duine, a tha 46, fo chasaid gun do mhuirt e Jenny Methven, a bha 80 bliadhna de dh'aois, aig a dachaigh ann am Foithir Tàbhaicht air an 20mh là den Ghearran.

Tha luchd-smàlaidh fhathast aig làrach teine mòintich mhòir aig Aigas faisg air a' Mhanachainn ged a tha iad a-niste den bheachd gun do chuir iad smachd air. Thòisich an teine beagan an dèidh 9:00f an-raoir, agus b'fheudar cuid de mhuinntir na sgìre na dachannan fhàgail.