BBC Naidheachdan

Obair mhòr air long-cogaidh ùr

Thòisich obair mhòr aig tè de ghàraidhean shoithichean Chluaidh, 's iad a' tarraing ri chèile dà phìos de long-cogaidh ùr.

Tha còrr air 400,000 tonna de chuideam sna pìosan dhen HMS Queen Elizabeth.

Tha i ga togail airson itealain chogaidh a ghiulain dhan Chabhlachd Rìoghail.