BBC Naidheachdan

Cuairt Dheireannach Dhùn Èideann

Tha 116 bliadhna ann bho choinnich Hearts agus Hibs mu dheireadh anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba, agus mar sin 's e geam air leth eachdraidheal a bhios ann air an 19mh den ath-mhìos.

Rinn Hibs a' chùis air Obar Dheathain 2-1 gus a' chuairt dheireannach a ruighinn, is 's e 2-1 a bh'ann cuideachd son Hearts an aghaidh Celtic.

Mhìnich Iain MacIomhair a tha a' leantainn Hibs agus Murchadh Dòmhnallach a tha a' cur a thaic ri Hearts na tha an gnothach a' ciallachadh dhaibh.