BBC Naidheachdan

Cùis dhrogaichean sa Chùirt

Nochdaidh fear 22 bliadhna sa chùirt anns a' Ghearasdan Dimàirt an co-cheangal ri malairt dhrogaichean mì-laghail.

Aig an deireadh sheachdainn fhuair grunn dhaoine san sgìre cobhair san ospadal às dèidh dhaibh drogaichean mì-laghail a ghabhail.

Tha polais agus NHS na Gàidhealtachd a' toirt rabhadh do dhaoine aig a bheil, neo a fhuair, pilichean nach tàinig bho na dotairean aca, gun an gabhail.