BBC Naidheachdan

Iomain iománaíocht

Bidh beagan de dh'eachdraidh ann an spòrs ann an Inbhir Nis Disathairne nuair a chluicheas sgioba iomain bho Feachdan Armaichte Bhreatainn an aghaidh sgioba iománaíocht bho Feachd Dìon na h-Èireann airson a' chiad thuras.

Tha dùil ri dùbhlan mòr ro sgioba Bhreatainn, ach tha iad air a bhith a' deasachadh fad na seachdain le beagan taic bho mhanaidsear na h-Alba, Drew MacNèill.

Chaidh Doneil MacLeòid a thadhal orra is iad a' trèanadh air latha mosach gaothach aig Pàirc a' Bhught, far an d' fhuair e facal air a' Phadrè Eachann MacCoinnich, a th' ann an sgioba Bhreatainn.