Naidheachdan 11:00m

Bidh an tìodhlacadh aig Abdelbaset al-Megrahi, an aon duine a chaidh a dhìteadh airson spreadhadh Locarbaidh, ann an Tripoli, prìomh bhaile Libia, an-diugh. Bha e a' fulang le aillse, agus thug Riaghaltas na h-Alba a shaorsa dha o chionn trì bliadhna. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an rannsachadh mun ionnsaigh air a' phlèana Aimeireaganach san Dùbhlachd ann an 1988, fhathast fosgailte.

Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, nach fhaod ceannardan Sòn an Euro, a' mhì-chinnt mun airgead-shingilte Eòrpach a leigeil air adhart ro-fhada, agus gum feum iad rudeigin a dhèanamh a rèir 's dè thachras ann an taghadh na Grèige air an ath-mhìos. Thuirt Mgr Camshron gu bheil esan a' coimhead air na taghaidhean sin sa Ghrèig mar referendum air ballrachd na Grèige san Euro.

Thuirt a' chompanaidh ola Total gun do shoirbhich an oidhirp air stad a chur air a' ghas a bha ag aodion à Clàr Eilginn anns a' Chuan a Tuath bho chionn faisg air dà mhìos. Tha a' chompanaidh air a bhith a' cumail sùil air an t-suidheachadh a-niste airson còig là an dèidh dhaibh an tobair a dhùnadh le poll. Thuirt Total gun tòisich iad a-niste a' cur luchd-obrach air ais dhan chlàr.

Thuirt Ryanair gun deach am prothaid suas air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna gu £406m, a' phrothaid as motha riamh agus gu math nas fheàrr na bha dùil. Ach thuirt an t-àrd-oifigeach, Micheal Ó Laoire, nach cuireadh e iongnadh sam bith airsan nan tuiteadh a' phrothaid sin air a' chòrr den bhliadhna, eadar prìs a' chonnaidh a' sìor èirigh, agus droch shuidheachadh na h-eaconamaidh.

Tha e coltach gu bheil luchd-rianachd dhan chompanaidh thogail UBC, a chaidh fodha bho chionn cola-deug, deònach leigeil le luchd-stiùiridh aon phàirt den chompanaidh a cheannach. Chaill faisg air 250 duine an cosnadh aig Uist Builders, ach thèid 30 cosnadh a ghlèidheadh ma gheibh luchd-stiùiridh cead Wyvis Roofing a ghabhail thairis.

Tha Ionad Meidigeach an Taobh Siar ann an Leòdhas a' toirt cothrom don choimhearsnachd bruidhinn air na h-atharrachaidhean a chaidh a thoirt air an t-seirbheis bho chionn ghoirid. Tha iad air coinneamh fhosgailte a chur air dòigh ann an Ionad Cùraim Chàrlabhaigh a-nochd a' tòiseachadh aig 7:00f.